top of page

A selection of Gaelic Poetry written by people of Bernera and Tir Mor

​

Oidhche ‘nam Shuain

 

Oidhche ‘nam Shuain gun shuibhail mo smuain

Gu daoine bha uasal is bàigheil,

A dh’ionnsuidh an t-sluaigh bha fuireach aon uair

‘San Eilean ‘san d’ fhuair mi m’ àrach.

 

Bha Eilean mo ghaoil ‘na laigh anns na caoil

Ann am meadhon Loch Ròag cho àillidh,

‘S ann am priobadh na sùl bha balach ‘san raon

‘Sa Chuairt Fhraoich mu choinneamh Gleann Chàrais.

 

Bha Loch Bharaglom a’ seòladh le luing     

Cur loinn air maise nàduir    

Bha dealbh nam beann a stigh na bhroinn,

Gach cnoc is gleann na sgàthan.

 

Bha na tursachan fèin a’ dèanamh sgeul

Air aois na cloich a dh’fhàg iad,

Air draoidhean glic ‘s air diathan brèig

‘S air oidhche dhorch staid nàduir.

 

Bha tùr ‘na sheasamh as an dùn,

Mar mheuran mòr gun àrlas,

‘S ‘na bhaidhealaibh bha treubhan borb

Nach do cheannsaich arm Romànaidh.

 

Shuidhich mi cùrs air Gearra na Cùil,

Bha smeòrach ri seinn a dhàn ann,

Mairead Nèill air fàs òg, cha robh bata ‘na dòrn,

‘S cha robh sìataig a’ leòn a cnàmhan.

 

Bha MacEansaidh ‘na dheann ag obair gu trang,

À saoirsainneachd thall aig a’ bhàthaich,

Leig e ‘n t-òrd as a làimh ‘s thubhairt e “Chalum ‘n tu th’ann?”

‘S e cho cridheil, coibhneil, càirdeil.

 

‘Nuair a thog mi mo cheann bha MacAidh aig an allt,

‘S a bhean choibhneil bi cuimhn’ am gu bràth oirr’;

Is bha Iain a’ seinn a cur ceòl troimh na glinn

‘S thog e fonn air Tormod Bàn dhomh.

 

Bha teaghlach Mhic Natan a muigh anns a ghleann,

‘S bha Iain ag èigheach mar b’àbhaist,

Ach fhearaibh mo rùin cha robh ann an Sgir Uig

A b’fheàrr mar charaid ‘s mar nàbaidh

 

Bha nighean MhicArtuir ‘s cruach mhònadh ‘na  cliabh,

‘S bha ‘Tròcair’ a’ labhairt air teàrnadh,

‘S bha Catriona a’ fighe nan stocainnean mòr

Air son uaisillibh gach ceàrnaidh,

 

Bha Màìri agus Làraidh beò,

‘S a’ bheart mhòr le ceòl na spàl innt’,

Is bha MacIomhair air a dhòigh

Cur ceò a’ Walter Ràlaidh.

 

Bha Clann Mhic Aonghais modhail duìnt,

Is an deicheamh earrainn pàight ac’,

Is cha robh dachaidh anns an Eòrp

Cho doìgheil ris an fhàrdach.

 

Bha treumh MhicIain aig an òb,

Is Dànaidh còir ‘gam pàghadh,

Mac Thormoid, mac Dhomhnaill angus mac Chaluim Mhòir,

‘S MacAonghais a’ tarruing à Dà’idh.

 

Bha sgèimh an t-Samhraidh air an t-sliabh

‘S gach teaghlach air an àirigh

‘S ged bhithinn beò gu’m bithinn ceud

Chan iarrainn as an àit iad.

 

Ruith mi air gach baile bh’ann

Gach allt is cnoc is càrnan,

Is thug mi sgriob gu taobh a’ chuain

Far a bheil uaigh mo mhàthar.

 

Bha fear ri teagaisg air a’ bheinn

Ri sluagh nach gabhadh àireamh

Is nuair a dh’fhaithnich mi cò bh’ann

Gun dhealaich bhuam mo thàlant.

 

‘S nuair tha e ‘n dàin dhomh trial dh’ionnsuidh mo Dhia,

‘S a bhios m’anan gu siorruidh sàbhailt,

Mas toigh leis an Triath theid mo chnàmhan-sa sìos

‘San rath-thiodhlaic am fianuis an àit ud.

 

Calum Murdo Macdonald  24 Kirkibost

 

Am Parsail Post

 

When Donald Macaulay "Domhnall Neill" 21 Kirkibost, was postman, a poem was composed by Donald Maclennan "Domhnall Dhonnchaidh" 26 Kirkibost called "Am Parsail Post". It was a humorous poem listing some "suitable" parcels for members of the community.

 

'Se am parsail post

'Se am parsail post

Tha cudthromach ri ghiùbhlan

'Se am parsail post

'Se am parsail post

A rinn mo dhruimsa crùbach

 

Bha bàta gu Macartair(1)

Gu Madras(2) bha crùbag

Bha cearcail dha'n a Mhàighstear(3)

'S don a Gàidheal(4) sùistear

 

Bha sràing dha Murchadh Moireasdan(5)

'S maide airson an taoimidh

Bha sìoltachan gu Barbara(6)

'S leabhar Shàilm 's gùn ann

 

Bha bròga gu 'an Ghiollais(7) ann

'S gimleid 's tùthag

Bha stràbhlaidh gun a Bhalachan(8) ann

'S gu Murchadh Thormoid(9) pollais

 

Bha locair mhòr gu Dol(10) ann

'S gu Bonnie(11) bolla siùcar

Bonaid chlò gu Tullaman(12)

'S tunna gu Pluic Shiùcar(13)

 

Bha branndaidh gu Mac Sgàire(14) ann

'S gu Aonghas Màiri(15) truinnsear

Gu Coinneach(16) gu robh ràcan ann

'S gu Daibhidh(17) an ruma dhùbailt

 

Bha dealagan gun a Bhàrd(18) ann

Agus làmhadh gun a Bhrùinich(19)

Bha sàbh gu Domhnall Màiri(20) ann

Agus air-los airson smuiradh

 

Bha canabhas 's coigridh ann

Gu calcadh toinn na h-iùraich

'S bha razor 's bruisean òrdugh ann

Gu Peigidh Mhòir na Dùine(21)

 

Bha plèide bheag dha Scògan(22) ann

'S gu Cailean George(23) cìr chùil ann

Bha botull mòr gu Dòdaidh(24) ann

'S gu Calum Mòr(25) bha tùrstan

 

'Se am parsail post

'Se am parsail post

Tha cudthromach ri ghiùbhlan

'Se am parsail post

'Se am parsail post

A rinn mo dhruimsa crùbach

 

 

  1. Angus Macarthur, 1 Kirkibost

  2. John Macaulay, 2 Kirkibost

  3. Angus Maclennan, 3 Kirkibost

  4. Angus Maclennan, 5 Kirkibost

  5. Murdo Morrison, 4 Kirkibost

  6. Barbara nee Macrae, 4 Kirkibost

  7. John Gillies, 6 Kirkibost

  8. John Maclennan, 8 Kirkibost

  9. Murdo Macdonald, 7 Kirkibost

  10. Donald Macdonald, 11 Kirkibost

  11. Catherine nee Macdonald, 10 Kirkibost

  12. Norman Macdonald, 9 Kirkibost

  13. Neil Maclennan, 10 Kirkibost

  14. Angus Macaulay, 12, Kirkbost

  15. Angus Macaulay, 13 Kirkibost

  16. Kenneth Macdonald, 15 Kirkibost

  17. John Macdonald, 14 Kirkibost

  18. Donald Macdonald, 16 Kirkibost

  19. Murdo Macdonald, 17 Kirkibost

  20. Donald Macaulay, 19 Kirkibost

  21. Margaret Gillies, 20 Kirkibost

  22. Ann Macaulay, 21 Kirkibost

  23. Catherine Macdonald, 23 Kirkibost

  24. John Macnaughton, 23 Kirkibost

 25.Malcolm Macdonald, 24 Kirkibost

​

​​

Fuadach nan Gàidheal

 

Cò ‘n cridhe air an talamh nach dèanadh e sgaradh,

‘Bhi faicinn nan srathan ‘s nan àilean,

Gun duin’ ann am baile g’a àiteach gu aran,

Ach fèidh agus gearrain ‘n an àite.

 

‘N uair rinn iad ar sgiùrsadh gun bhàta na smùid ann,

Ach luing agus siùil ri croinn  àrda,

Thug faisg air a bhliadhn’ oirr’, an dòighean mhi-rianail,

‘S gu ‘n bhàsaich na ciadan de Ghàidheal.

 

‘N uair dh fhàg i an cala, bha glaodhaich gach baile,

‘Dol suas gu na cathrach as aired,

Cò ‘n duin’ air an talamh ‘us teanga ‘n a chlaigionn,

Nach labhradh air sgaradh nan Gàidheal.

 

‘N uair rinn iad ar fuadach a null thar nan cuantan,

Ar dùthaich fo ruadh-bhuic ‘n a fàsach,

Le laghan na truaighe ‘bha riamh aig ar n-uachd’ rain,

A’ leantuinn air fuadach nan Gàidheal.

 

Nach bochd mar a liùg sinn, na Gàidheal ‘bha fiùghail,

Ag èisdeachd ri bùireich an nàmhaid,

‘Bha riamh air ar cùlaobh, ‘g iarraidh ar sgiùrsadh,

Mu’m pilleamaid ‘dhùthaich ar n-àrach.

 

Nach tigeadh an là anns am pilleadh sinn dhachaidh

A dh’ àiteach nam bailtean ‘tha bàn ann,

Gach fiadh agus bradan, cearc-fhraoich agus gearran,

Gu soar aig clannaibh nan Gàidheal.

 

Donald Macdonald  Bernera

​

​

Oran nan Rodan

 

Eirich agus tugainn oh

Tog do leabaidh gu Tir Mor

Thig am Pullaidh(1) air ar toir

A nall a Thòb nan Cuileag

 

Air an oichde gabh thu tàmh

Eadar Earrainn’s(2) Calum Ban(3)

‘S ma theid sibh don a chùil buntat

Na gàrraich a siol cur aca

 

As a mhadainn tog do spreidh

Mar cìobairean le coin nan deidh

Gabh thu sios a huile ceum

Go ruig sibh Seumas iomalach(4)

 

Chan e MacNatan(5) tha mi ag radh

Ach fear aig a bheil stòr nas fhearr

Fear a chlann Choinnich mhòr Chiontail

Aig nach eil àl neo ginealach

 

Theid thu suas air feidh na h-oidhche

Chun a lobhta tha fos a chinn

Bith e ag osnaich air a dhruim

‘S a cluintinn nadar biogarram

 

Mar se ‘s gun tig e as ar deidh

Cur thu ar sgian ‘s ar saibh air ghleus

‘S toll thu fon an taigh gu leir

‘S na fàg thu speilg fiodh aige.

 

Donald Maciver 14 Hacklete

 

(1) Malcolm Smith 4 Earshader

(2) Henry Macinnes 3 Crulivig

(3) Malcolm Mackay 4 Crulivig

(4) James Mackenzie, a tacksman in Linshader

(5) James Macnaughton 5 Crulivig

​

​

AMHRAN AN IASGAICH

 

Nuair thàinig am an iasgaich dhuinn

S a thriall gach fear air falbh,

'S e ‘n turas nach do riaraich sinn,

Bha a' bhliadhna buileach searbh:

Bha anshocair 's droch thìd againn,

Le uisge ‘s gaoth is stoirm –

Cha mhòr nach d' rinn mi gluasad

Le mo chòta ruadh dhan arm!

​

B' e ‘n turas thug bhon bhaile sinn

A dh' amharc air na Goill;

Bha an latha againn air allaban

'S man bu tric an oidhch',

Bha òrdugh agus ùghdarras

Gar stiùireadh air gach làimh,

'S gum bu tàmailteach na h-iasgairean

'S an t-iasgach buileach gann.

​

Bu chaithreamail 's bu spòrsail iad

Ri tòiseachadh air lìn,

A' tarraing as na stòir a-mach

Na dh'fhòghnadh ann an trì!

Bha cotan agus còcrach ach

Gan seòrsachadh air tìr,

'S nuair chaidh sinn uile air bòrd innte

Bha Dòrdaidh rinn an sìth.

 

Diluain nuair rinn e gluasad leinn

'S a fhuair e i air dòigh,

‘S a shuidhich e gu tuath oirre

Bha a duathais roimh a stròin;

Bha canabhas ga chruadhachadh

Ri stuaghan a' chuain mhòir,

Ach tilleadh cha bu diù leotha –

Chan ùmhlaicheadh na seòid!

 

Nuair ràinig sinn na bancannan

Air feasgar nach robh ciùin,

Bha ise triall fo chanabhas

Na gaileap man an cù.

Nuair fliuair e man bu mhiann leis I

Le ianlaith air gach taobh

Chaidh canabhas a lòraigeadh

Le òrdugh fear mo rùin.

 

Nuair chaidh an drioft a shìneadh aist

Bha sìr dhol aice am miad;

Air tarraing cha robh luaidh aige

Gum buannaicheadh i fiath.

 Bha 'weatherglass' air bòrd aige

'S an 'stormy' na bial,

 Gun sealladh air Roinn Eòrpa againn,

'S gun dòrn air bòrd de lion.

 

Nuair chaidh an t-sèine chliaraigeadh

'S a cheangladh i ma stròin

'S a fhuair sinn fon a' chiamhaich I

B' e siud mo mhiann-s' air dòigh.

Bha rùileachan gan leughadh leis

Man a dh'fheumadh e bhith beò

‘S a' phropartaidh gu lèir aige

Ga reubadh sa chuan mhòr.

 

Nuair a shìn sinn air an tarraing

Bha na balaich ann an spuinns',

Cha robh fiù 's na h-àrcaichean

Ga fàgail ris an druim;

Bha seisear ann an òrdugh

Air na ròpan gan toirt innt,

Air chabhaig gus an seòladh sinn

Gu shore ron an oidhch.

​

Nuair chaidh an t-slat a hiucaigeadh,

Bha Uilleam ron an t-seòl

Bha an sgiobair anns an deireadh,

Agus sinne call nan dòrn.

Bha spionnadh ar cuid ghàirdeanan

Ga fhàsgadh air gach ròp

Ri cuibhligeadh nam bàcannan,

'S ar làmhan air an leòn.

​

Bha ghnùis aige a' fas uamharrach,

Fo ghruaman agus tùrs’

Is eagal air nach buannaicheadh

I Bhruaich no Inbhir Uig.

Bha a' chulaidh air a giarachadh

Bho dhianadh i o thùs

‘S gun seasadh i gu lìonaist i

Ri siaban a' mhuir-chùil.

 

Gum bu slàn don charpantair

A thog am bàta ruadh,

Chuir giuthas agus leàrag innte

‘S pàirt dhen an fhiodh chruaidh

Bha strapaichean de phràisich

Fon an t-sàil aice mun cuairt,

'S ged thug an turas tàire dhith

 Cha do dh'fhàiling i na luath's.

 

Bha sinn sgìth is tabhoinneach

Mus tug i mach an tìr.

Ged ràinig i san anmoch leinn

Gur fhad air falbh a sgrìob.

Bha laisigeadh le dùrachd

Air an iubhraich a bha sìnt,

‘S nuair fhuair sinn air a caoiteachadh

Bha an oidhch' againn dhuinn fhìn.

 

Nuair fhuair sinn bhuaidhe ar tuarastal.

Bha uair againn de thìm,

Is ghabh sinn làn na cuaiche

Dhen an stuth bu chruaidhe brìgh.

Bha haileardan an òrdugh

Anns gach còrnair ri ar taobh

Cur geilidh ris na còcairean

'S na h-òighean fon a' chaoch

​

An t-inbhidh a rinn coiseachd leinn

Tro mhonaidhean na tìr

Nuair fhuair e air a dhronnaig sinn

Bu thogarrach a cheum.

Thug e far ar cùrsa sinn

Dhan dùthaich aige fhein,

‘S cha deidheadh e leinn a Steòrnabhagh

Nuair ghabh am pony rèis.

 

Bha e air a bheathachadh

Le deathach agus gual,

‘S thug e dh' Obar Dheathan sinn

'S cha teidheadh e mu thuath.

Bha rùit a' dol a'mhòinteach air,

'S a chòmhnaidh fada bhuaidh',

Ach thug e blàths is coimhneas dhuinn

Car oidhche ‘s sinn air chuairt.

 

'Sa mhadainn nuair a dh'fhalbh e leinn

Tro gharbhlach nam beann àrd,

Bha smùid ri dol ma chalpannan

 'S a mharbh-bhus anns an làr.

Cha robh muing no iorrball air

 Na bile cuilg a' fàs,

 'S cha dèanadh fuachd a' gheamhraidh

An t-each Gallda chur na thàmh.

  

John Smith, 18 Kirkibost

​

Crann-tabhuill Dhaibhidh

 

Nuairchaidh gach armailt arm an òrdugh

Is iad le cheile sgaoilt 's a' ghleann ud,

Na Philistich, bha curaidh mòr ac

 A chuir Israel fo champar,

 A' sèideadh bhagraidhean bha dòbhaidh

 'S a’ maoidheadh slòigh a sgrios le aimhleas,

 Is lùireach mhilidàh bha ga chòmhdach

'S e meas nach deidheadh a leòn le ainneart.

​

Gu robh armachd-san cho làidir

'S e meas nach deanadh namhaid grèim air —

Claidheamh treubhach bha 'na làmhan

'S e gu sàr-ghlan air a ghleusadh,

Sleagh gu guineach gu bhith sàthadh,

Neach 'na làthair sheasadh treun ris,

'S clogaid umha bha san tràth ud

A’ dìon a chinn na'n tigeadh eucoir.

​

Cluinn e labhairt bhriathran tàireil

Bha cur Israeli fo bhuaireas,

'S e meas nach tigeadh aon an làthair

A bhriseadh neart a ghàirdein bhuadhaich,

Is gun e faicinn an rùn on airde

Nach robh toirt àite ga chuid uamhair,

'S a'm beagan ùin' gum biodh e 'na thàmh

Is anail bhlàth nach biodh 'na bhuadhan.

​

Gu robh fear-iomchair airm ri thaobh-san

Is e giulain sgiath bha làidir

Ga ghleidheadh bho neart nan rùintean

A bhiodh air cùl fior reubadh nàmhaid;

Bu sheòlta a làmhan gus a shaoradh

Na'n tigeadh faobhar claidheimh stàilinn

Le neart cogaidh — is e rùisgte

Gu bhith toirt caochlaidh air na bha e.

 

Cha be nàmh le claidheamh stàilinn

A chuir gu làr Goliath treubhach;

Cha be sleagh bho ghàirdean làidir

A stiùir am bàs gu deanamh grèim air;

Cha be saighead is i sàr-gheur

 A rinn sàthadh air a chreubh-san;

Is cha do ghlèidh an lùireach mhàilidh

E san àit ud gun e eugadh.

​

Gur e òganach gun armachd

'Na a làimh thug dha-san dùbhlan;

Chaidh e mach le creideamh earbsach

Gu robh Dia nan gràs ri thaobh-san,

Bhon an leòmhann rinn e mharbhadh

'S am mathghamhainn rinn e chaochladh

'S Goliath ged a bha e calma

Gu dearbh gum biodh e mar gach aon diubh.

  

A nis an uair a dh 'èirich Daibhidh

le e gun lùireach is gun armachd

Thug e leis crann-tabhuill loinneach

Ach 's ann an Dia a chuir e earbsa;

Còig chlachan mìm gu robh 'na làimh-san

Is chaidh e mach le rùintean dearbhta,

Is dh'innis e dha gu biodh le cinnte

E staigh fo'n bhinn a bhiodh ro-shearbh dha/

​

Gur e rùn an Ti is àirde

A bha san tràth air cùl na h-urchair;

Dh'fhalbh a' chlach air chùrsa neo-cheàrr

Is chaidh i steach 'na cheann gu h-iomlan;

An curaidh — gun do thuit gun dàil

'S a neart làidir chaidh air imrich,

'S a mhòrachd dh'fhalbh i bhuaidh mar sgàil

Is chreach am bàs a spàirn neo-ionmhuinn.

​

An claidheamh bha Goliath giùlain

 'S a bha toirt sùgraidh dha an uair ud

A' meas gun deanadh e gniomh chliùiteach

Gu armailt Israeli a ruagadh

 Gur e Daibhidh rinn a rùsgadh

 'S a chuir 'fhaobhar gu bhith gluasad

 'S leis gheàrr e 'cheann am beagan ùine

 'S cha robh geilt 'na ghnùis ga luaisgein.

​

Na Philistich gun theich gun dàil,

Am misneachd dh'fhalbh mar sgàile neòile;

An curaidh treun thug iad don bhlàr

Fhuair e bàs 's cha tugadh treòir dhaibh

Ach creideamh ann an Dia nan gràs

A chaisg an cath — le cloich — mun d'thòisich,

Is Daibhidh thogadh e an àird

'S a' chathair-righ gu robh e còmhnaidh.

​

Ceann Gholiath, chaidh a ghiùlain

Leis an laoch gu làmhan Shauil,

An claidheamh bh'aige gu bhith sgiùrsadh

Chaidh le cùram do thaigh-àirneis

'S tha seo 'na chomharradh ro-chliùiteach

Gu robh rùn an Ti is àirde

Maille ri Israel anns a' chùis

Gus an saoradh o an nàmhaid.

 

K J Smith 1Earshader

​

​

‘S na hi o hù Chalumain
 

' S na hi o hù Chalumain

Fallain gum bi thu

'S na hi o hù Chalumain

 

'S math thig breacan air fhiaradh

Air sliasaid mo ghaoil sa

 

O fhir a chuil bhuidhe

Ni a bhruthach a dhireadh.
 

O fhir a chuil steidich

Ged is fheudar dhomh innse.

 

A Chaluim bheirinn ort comhairl'

Gun Beinn Mhothail a dhireadh.

 

Mas toir iolair' mhòr a Chliseam

Chun a nid thu na h-‘inean.

 

Thig mo ghun as an Fhraing

 Le chuid fraoidhnichean sioda.

 

Thig mo bhoineid as a 'bhùth

Le chuid fhoors na aodann.

 

Thig mo bhotunnan dhachaigh

Le 'Elastic' nan taobhan

 

Tha mo chleoc ann an Glaschu

'S thig e dhachaigh ri tìde.

 

Mary Macdonald of Valasay

 

Marbhrann Do Dhithis Chloinne

 

Na’m biodh teanga bhàird agam

Chum dàin a chur air loinn

Dh’innsinn do mo chàirdean

Mar a rinn am bàs mo chlaoidh.

‘S ann an mios na Màirt

Dhealaich e na pàistean ruin

Ach tha mi ‘g altrum dochais

Gu bheil an t-òran ac’ ‘g a sheinn.

 

An camhanaich na maidne

‘S mi trom airsnealach troimh ‘n oidhch’

Laigh mi air mo leabaidh leat

‘S cha tug thu freagradh dhuinn

Phlosg mo chridhe is dh’ fhàilnich e

Le meud mo chràidh an raoir

Cò dh’innseas meud mo dhoruinn

‘N uair chaidh Seònaid ‘g a toirt bhuainn

 

‘N uair thug sinn thun an teine thu

Is a chunnaic sinn do shunadh

‘S a chreid mi gur e’m bàs a bh’ort

A ghraidh bha sin cho cruaidh.

Bha na deòir a’ sileadh bho

 Mo chridhe air mo ghruaidh:

Ach an Ti thug còir dhuinn oirbh

‘Se dh’òrduich ‘ur toirt bhuainn.

 

Thionndidh mi car tamuill bhuat

‘S tu teannadh ris a chrìch,

Is phill mi chum na leapa

Far an robh mo bhalach tinn.

Bha mi call mo dhòchas dhuit

‘S bu brònach cor mo chridh.

Chaidh esan a thoirt dhachaidh uainn

Mus do chaidil thu ‘s a’ chill

 

‘N uair dh’eireas mi ‘s a’ mhaduinn

Thun an teine bheir mi sùil

Air an àit ’s na chleachd sibh

A bhith cleasachd rith mo thaobh.

Cha chluinn mi fuaim bhur gàire

‘S bidh sud ‘g am fhàgail sgìth;

Ach tha mi ghràidh an dòchas

Gu bheil sibh comhla ris an Rìgh

  

 ‘N uair sheasas mi ‘s an dorus

Bith mi ‘g amharc anns gach àit

An duil gu faic mi tighinn sibh

‘N ur dithis mar bu ghnàth

Air làimh a chèill chiteadh sibh

‘S dh’aindheoin de bhiodh cèarr

Ch dhealaicheadh sibh ri chèill

Gus an d’ ghèill sibh do‘n  bhàs

 

Nach math gu bheil e sgriòbhta

‘Nad fhirinn nach ‘eil cearr

Gu bheil thu cuireadh leanabaibh

‘S nach teart thu iad bho chàch.

‘N uair bhios mo chridhe tinn

‘S mi ri caoidh na chaidh gu bàs

‘S e d’fhocal fein bheir faochadh dhomh

‘S a chuireas mi’n am thàmh

  

Annie Maclennan 10 Kirkibost

 

Oran nam Bachelors le Tormod Dhol
 

Domhnall na Duine na shuidhe air an ùrlar,

A’ cumail a shùil air an arbhar,

Se bò agus caora toil inntin a’ shaoghail

‘S a chlann-nighean cho duilich nach fhalbh è.

 

Aonghas Mhurdo bho thàmailt bho chual’ è na pàistean

Gu robh e air àraibh nan seann ghill’

Tha cunantan caola eadar Oighrig ‘s Catriona

S cha toirt è dha h-aon aca tairgse.

 

Tha Niall air thoirt seachad gu lèir dha na cheannachd

Is cùisean na ‘rations’ dha dhearbhadh

‘S Ceit Mairi a bagairt, gu bheil ì dol dhachaidh

‘S nach bith I nas fhaide na searbhant.

 

Bha Tormod a’ Ghaidheall ‘s an t-uallach gu leir air,

Na laighe ‘s na èirigh gun fhalbh dheth.

Tha an t-uallach ‘s a chabhaig ga chumail na chaithris

Gun toirt è te sgafant a Tolstadh

 

Domhnall Sgàire cho somalt’, a nadur cho modhail,

Gu bheil è leth choma bhith sealg orr’

Ach dheirich a misneachd bho chuala na daoine

Gu robh te air Uig a cuir sealbh air.

 

Calum Gobha………

……

Ach tha ‘n gaol aige traoghadh aig sròn Ard a’ Chaolais

‘Nuair a’ shuidheas e stùireadh a charbaid.

 

Norman Macdonald 11 Kirkibost

 

Ar Cànan's ar Ceòl
 

Bha Iatha bha mi socair, sàmhchaireach

Air m' altruim Ie mo mhàthair

An Eilean beag Bheàrnaraidh

Am bàgh Loch a Ròag:

Gun agam ach Gàidhlig,

Is gun facal den chànan

Tha an-diugh air ar sàrach,

Ri chluinntinn san tigh-fhàrdaich,

Am Buaile nan Laoigh.

 

Chaill mi mo mhàthair

Is gun annam ach òg-phàisde:

Ach cha do thrèig mi a' Ghàidhlig

A dh' aindeoin cànan-sgoile bha ùr.

Air a thigeadh na càirdean

A' cèilidh às gach àite

Bhiodh seanachasan Gàidhlig

Air an aithris Ie càirdeas

Am Buaile nan Laoigh.

 

Ri mo chuimhne bha a' Ghàidhlig

Aig gach duine an Sgoil Bheàrnaraidh:

Ach bha cleachdaidhean àraid

Gar cuairteachadh innte.

'S e cànan cruaidh Beurla

Bha iad ag ionnsachadh dhòmhsa

Gus an d'ràinig mi Steòrnabhagh

Agus an t-Urchadan Mòr

Bha teagasg Gàidhlig don chloinn.

 

Choinnich mi ri càirdean

A bha drùidhte sa' Ghàidhlig,

'S a thug dreach air a chànan

Ann an iomadach dòigh.

MacThòmais is Optic is lain Beag Arnoil

A fhuair cliù anns gach ceàrn agus fàrdaich

A' brosnachadh a' chànain

Ann an rosg is ann am bàrdachd

Tha gu fileanta beò.

 

Thug an Cogadh droch bhuaidh

Air iomadach cànan is dualachas;

Is bha mise air m' fhuadach

As Eilean a' Fhraoich;

Ach cha do thrèig mi a' Ghàidhlig

'S i toirt spreig-brosnaidh ga mo nàdur

Is mi ga bruidhinn gun nàire:

Is tha mi 'n dòchas gus am bàsaich

Gum bi i air bilean mo bheòil.

 

Tha gineal ùr a tighinn nar n-àite:

Tha uallach cùram na cànain

A-nise 'nan làmhan

Anns gach ceàrn sa bheil i beò:

'S e a leamhnaich mi gu feirge

'S e a bhrosnaich mo smuaintean

Bhith a'cluinntinn steòrnadh na buachair

Nach robh àite aig a' chànan

Ann am farpaisean a' Mhoid.

 

Gu dè an t-iongnadh mi bhith grunsgal

Is gu dearbh tha mi diombach;

lad a' gealltainn gun ùghdarras

A' Ghàidhlig chur air taobh

Bha piathaid aig fear am Beàrnaraidh

Nuair bha mise 'nam phàisde

Is tha mi cinnteach an dràsda

Gu robh a Caidhlig na b'fheàrr

Na chuala mi raoir.

 

Norman Macdonald 13 Breaclete

01851 612331

©2018 by Great Bernera Museum. Proudly created with Wix.com

bottom of page